Cuiribh a-steach airson Prògram Leasachaidh Dè Ur Sgeul? 2017

CUIRIBH A-STEACH AIRSON PRÒGRAM LEASACHAIDH DÈ UR SGEUL? 2017 (English)

A bheil thu 14-17 bliadhna a dh’aois, a’ còmhnaidh ann an Alba, agus meas agad air sgrìobhadh is dealbhadaireachd chruthachail?

  • A bheil thu airson deugairean eile a choinneachadh aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh is dealbhan cruthachail?
  • A bheil thu airson do sgilean fhèin a leasachadh?
  • A bheil thu airson coimhearsnachd litreachail na h-Alba a rannsachadh?
  • A bheil thu airson cuideachadh le tachartasan is goireasan a chruthachadh do dheugairean eile?
  • A bheil thu airson taisbeanadh dha Alba gu bheil deugairean comasach air obair chruthachail a tha sàr-mhath?

Ma tha seo coltach riutsa, lean ort a’ leughadh gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn Prògram Leasachaidh Dè Ur Sgeul? 2017 agus mar a chuireas tu iarrtas a-steach air a shon! Tha e an-asgaidh cur a-steach air a shon agus pàirt a ghabhail ann. Tha iarrtasan fosgailte bhon seo gu Dimàirt 31 Faoilleach 2017.

Airson 2017, bidh sinn a’ taghadh seachdnar dheugair bho air feadh Alba airson ballrachd ann an Prògram Leasachaidh Dè Ur Sgeul? Le taing do ar caraidean aig Comhairle nan Leabhraichean, bidh aon àite an làthair gu sònraichte airson tagraiche Gàidhlig ach ge ’r bith dè an cànan sa bheil thu ag obair, tha thu di-beathte iarrtas a chur a-steach cho fada ’s gu bheil thu eadar 14-17 bliadhna a dh’aois agus a’ còmhnaidh ann an Alba.

Tha am prògram againn uile mu dheidhinn a bhith a’ misneachadh, a’ cuideachadh agus a’ comharrachadh chruthaichearan deugach le bhith gur cuideachadh gu ruighinn air taic agus cothroman proifeiseanta a tha doirbh am faotainn an àite sam bith eile. Bhrosnaich agus chuidich sguad na bliadhna an-uiridh leis an Iris Air-loidhne againn a chur ri chèile, fhuair iad dearcnachadh proifeiseanta, dh’eagraich agus thug iad StoryCon gu faisg air 200 deugaire, agus tha an obair aca air a taisbeanadh anns an eagran foillseachaidh den iris againn.

Agus seo am plana againn airson 2017!

  1. Geamhradh: Deugairean air Mhuinntireas …

…le Leabharlann Nàiseanta na h-Alba! Thigibh a Dhùn Èideann air 3 – 4 Gearran agus rannsaichibh na tasglannan ann an aon chothrom a-mhàin air obrachadh leis an leabharlann iongantach seo agus bithibh air ur brosnachadh gus ur n-obair fhèin a chruthachadh tro bheatha a’ phrògraim.

  1. Earrach – Samhradh: Dearcnachadh Proifeiseanta

Gheibh sibh dearcnachadh bho phroifeiseantach ag obair sa chruth chruthachail a roghnaicheas sibh fhèin. Am measg dhearcnaichean na bliadhna an-uiridh, bha nobhailiche grafaigeach, sgrìobhaiche sgriona, nobhailichean agus bàird: bidh dearcnaichean na bliadhna seo air an taghadh gu sònraichte dhuibhse.

  1. Earrach: Ratreut Cruthachail

Air 17 – 19 Màrt, bidh na deugairean, dearcnaichean agus an Scottish Book Trust a’ siubhal gu Mon Itheig Mhòr air a’ Ghàidhealtachd airson deireadh-seachdaine de fhaighinn a-mach, cruthachalachd agus togail-sgioba.

  1. Samhradh: Ag Eagrachadh StoryCon 2017

Tha StoryCon mar a’ cho-labhairt sgrìobhaidh is dealbhadaireachd chruthachail as motha ann an Alba do dheugairean a tha eadar 13-19 bliadhna a dh’aois. Dèanaibh co-dhùnadh air na bùithtean-obrach, thoiribh cuireadh do dh’òraidichean air aoigheachd, cuiribh an latha an òrdugh agus cuidichibh le aoigheachd a thoirt do chòrr air 100 deugair!

  1. Foghair: Am Mòr-Thaisbeanadh Agad

Bidh tu a’ taisbeanadh no a’ coileanadh na h-obrach a tha thu fhèin agus an dearcnaiche agad air a leasachadh ann an tachartas subhachais as t-Fhoghar 2017!

A bheil sin a’ coimhead math? Mas urrainn dhut cur romhad gun obraich thu cruaidh air an leasachadh chruthachail agad fhèin agus cùram ort mu dheidhinn feabhas a thoirt air nithean do sgrìobhaichean is dealbhadairean deugach eile ann an Alba, tha sinn an dòchas gun cuir thu iarrtas a-steach airson a thighinn còmhla rinn! Tha e an-asgaidh cur a-steach air a shon agus pàirt a ghabhail ann, leis na cosgaisean agad uile air am pàigheadh leinne.

Leugh ar FAQs agus an uair sin gliog gu h-ìosal airson iarrtas a chur a-steach. Ceann-latha deireannach air Dimàirt 31 Faoilleach 2017.

CUIR IARRTAS A-STEACH SA BHAD!